Iomradh air fear a tha a’ strì ri smachd fhaighinn air a bheatha.

ro-fhada-san-t-suidheachadh-seo

 

 

Tiotal: Ro Fhada San t-Suidheachadh Seo

Ùghdar: Alasdair Caimbeul

Rionnagan: ★ ★ ★ ★ ☆  

 

Beachdan:

Tha coltas an leabhair fìor tharraingeach bhon chiad sealladh.  Tha ìomhaigh chumhachdach de sheann dòirteal air a’ chòmhdach ach tha àilleachd aig an dòirteal seo a tha air a chomharrachadh le aois.

Tha sgeul an leabhair fhèin a’ toirt iomradh air beatha fear a tha air tilleadh gu Eilean Leòdhais.  Tha e a’ fuireach san taigh a bh’ aig a sheanair, taigh a tha a cheart cho làn de sheann chuimhneachain is a tha e làn de sheann sgudal. Tha na seann chuimhneachain ’s guthan nam marbh a’ tighinn mar mhac-talla, a’ fàgail cheistean sgaogach.  Tha na ceistean seo a’ nochdadh gu sgileil ’s gu sàmhach agus a’ fàgail gum bi an leughadair ag iarraidh barrachd eòlais mun deidhinn a bhith aige.

Tha am prìomh charactar, Iain, air a bhith a’ gluasad bho àite gu àite air feadh an       t-saoghail, a’ sabaid ris na deamhain aige.  ’S ann ann an ceannsachadh nan deamhan seo a tha cnàmhan an sgeòil. Tha e air ais ann an Leòdhas ach tha a’ choimhearsnachd air atharrachadh gu tur.  “Chan e corra sgàird chù chaorach a dh’fheumas tu sheachnadh an seo ach saothair Dalmations, Shitzus, King Charles Spaniels …”.  Tha an t-ùghdar air deagh cheangal a dhèanamh eadar dàimh Iain ris an àite ’s a dhàimh ris na daoine, ach ’s ann le gach ceangal ùr a tha ceistean ùra a’ nochdadh.

Tha an leughadair fortanach gu bheil an cothrom aige a bhith an taobh a-staigh na    h-inntinne aig a’ phrìomh charactar seo, ged nach ann an-còmhnaidh am broinn na h-inntinne seo a tha an t-àite as cofhurtaile.  ’S e iomradh gu math làidir a tha seo air beachd ’s inntinn mhic an duine agus iad a’ strì leotha fhèin.  ’S ann san fhèin-labhairt seo a tha neart ’s cumhachd an leabhair.  Tha a’ Ghàidhlig àlainn fhèin agus siùbhlach, ach gu math tric tha na faclan air an tar-sgrìobhadh gu dìreach bhon Bheurla, a’ cur stad air sruth smuaintean an leughadair.  Ge-tà, ’s e deagh dhòigh a th’ ann air na      h-atharrachaidhean sna h-eileanan a riochdachadh tron chànan sgrìobhte.

Tha nàbaidh Iain, Am Baraball Bàn, a’ toirt Ismael airsan a chionn ’s gu bheil a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh-sa.  Gun teagamh,  mar a bhios leughadair na nobhaile goirid seo a’ tuigsinn, ’s e an fhìrinn gur e a làmh fhèin a tha na aghaidh fhèin.

 

*Gheibhear an leabhar seo ann am Bùth Chomhairle nan Leabhraichean no air an làraich-lìn aig Clàr.  £8.99

 

 

Advertisements