Sealladh air na co-dhùnaidhean ’s na breithean a tha againn uile ri dhèanamh san t-saoghal anns a bheil sinn beò.

Tiotal:  Dìleas Donn

Ùghdar:  Norma NicLeòid

Rionnagan:  ★ ★ ★ ☆ ☆  

 

’S e seo a’ chiad leabhar ann an sreath de thrì leabhraichean.  Tha e stèidhichte air Eilean Leòdhais gu ìre mhòir, ged as ann ann an àiteachan eile a bhios tòrr de na mìrean as cudromaiche a’ tachairt.  ’S e leabhar mì-àbhaisteach a tha seo ann an iomadh dòigh.  ’S ann mu fhear air a bheil Ailig Iain agus mun dà mhnaoi aige, a chiad tè is an dàrna tè, a tha an leabhar seo.  Ach, ged as e Ailig Iain a tha ann am meadhan an dàimh eadar an dithis bhoireannach, chan ann aig teis-meadhan an sgeòil a tha e.  Bha Bellann pòsta aige ach dh’fhàg ise e nuair a dh’fhàs esan cràbhach.  Bha athair Bellainn gu math cràbhach agus cha robh i deònach a bhith pòsta aig duine a bha cràbhach.  Às dèidh sin, phòs Ailig Iain tè eile, Muriel, a bha air dol dhan eaglais an dùil gun coinnicheadh i ri Ailig Iain.

Tha Bellann a’ dol a bhruidhinn ri ‘saidhcidhe’ agus ’s ann san dòigh seo a tha an luchd-leughaidh a’ fàs eòlach air eachdraidh Bellainn ’s Ailig Iain agus na tha air tachairt dhaibh.  ’S e meadhan glic a tha seo air riochdachadh on taobh a-muigh a thoirt air an dàimh a bha eatarra agus air na bu choireach ris na thachair eatarra.  Tha ìorontas cuideachd san dòigh sa bheil Bellann a’ dol dhan t-saidhcidhe, rud a tha gu math coltach ris an dàimh a bhiodh agad ri ministear.  Ged nach eil creideamh na beatha, tha structar ann a tha gu math coltach ris.

Ann an iomadach dòigh, chan eil Ailig Iain a’ nochdadh anns an sgeul ach a bhith      a’ dèanamh ceangal eadar an dithis bhoireannach:  chan eil mòràn de ghuth Ailig Iain ann.  ’S i Muriel a chaidh a dh’fhaicinn Melanie nuair a rugadh i agus ’s ise a dh’eagraich a’ bheatha aicese ’s beatha Ailig Iain le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi Melanie mar phàirt den bheatha aigesan.  Ann an dòigh shònraichte, chan eil Ailig Iain ann ach air sgàth ’s gu bheil feum air an t-sìol aige; agus chòrd sin gu mòr ris an lèirmheasaiche seo.

The ròl air leth aig an Eaglais san leabhar seo cuideachd; agus ’s e ròl smachd a tha sin.  Gu ìre, tha an Eaglais coltach ri cumhachd dorcha a tha a’ gabhail sealbh air a’ bheatha agad.  Thàinig an Eaglais a-steach do bheatha Ailig Iain agus bha sin na bu chudromaiche dhàsan na bha a bhean. Ann an aon dòigh, do Mhuriel, gus a bhith an sàs anns an Eaglais, bha aice ris an rud a bu chudromaiche na beatha, a cuid ciùil, a chur an dàrna taobh.  Bha Bellann cuideachd air an duine aice a chall ris an Eaglais.  Tha na caractaran uile air rudan a chall air sgàth creideimh agus chan eil e soilleir bhon leabhar dè na fhuair iad às.  Nuair a thachair na thachair do dh’Ailig Iain ’s do Bhellann, cha robh Eaglais an Leabhair deònach taic a thoirt dha.  Nuair a tha e feumach air taic, chan eil taic ri faighinn.

Tha stoidhle sgrìobhaidh chomasach aig Norma NicLeòid agus, ged a tha an sgeul fhèin tachartach, ’s ann ro thric a bhios an t-ùghdar fhèin a’ bruidhinn ris na leughadairean an àite a bhith a’ toirt a’ chothruim sin do charachtaran a saoghail.

Leis an ùr-sgeul Dìleas Donn, tha Norma NicLeòid a’ cruthachadh domhan tarraingeach far am bi na boireannaich an ceannas ’s far nach eil sna balaich ach props. Tha an deireadh air fhàgail fosgailte, rud a tha a’ dèanamh cinnteach gum bi an luchd-leughaidh a’ sireadh an ath leabhair den t-sreath cho luath ’s a tha iad air a’ chiad fhear seo a leughadh.

 

 

 

 

 

 

*Gheibhear an leabhar seo ann am Bùth Chomhairle nan Leabhraichean. £8.99

Advertisements