Tiotal: Fuaran Ceann an t-SaoghailFuaranCeann-300x325

Úghdar:  Aonghas Pàdraig Caimbeul.

Rionnagan: ★ ★ ★ ★ ☆

 

Bha deagh oidhche aig buill a’ Chomainn san Lios Mhòr o chionn ghoirid ’s sinn     a’ beachdachadh air a’ chòigeimh nobhail le Aonghas Pàdraig Caimbeul, “Fuaran Ceann an t-Saoghail”.  Chan eil an nobhail seo ach ceud duilleag ‘s a h-ochd a dh’fhaid’ agus, mar sin, ’s e deagh leabhar a tha seo airson beagan eòlais a chur air obair a’ Chaimbeulaich sa chiad dol-a-mach.  Agus is math as fhiach seo a dhèanamh a chionn ’s gur e fear de na sgrìobhadairean as comasaiche ann an saoghal na Gàidhlig a th’ ann an “APC”.

’S ann leis na smaointean a th’ aig seann bhoireannach air an àite far a bheil i     a’ fuireach (ann an dachaigh-eiridinn) agus le a cuimhne air a’ chiad turas a chunnaic i an duine aice a thòisicheas an nobhail seo.  Ach chan ann ach letheach slighe sìos a’ chiad duilleag a thèid sùilean an leughadair mus atharraich cruth an aodainn-chlò; agus ’s e ceàird-eòlas a tha seo a bhithear a’ cleachdadh air feadh an leabhair seo gus sgaradh a dhèanamh eadar guth an t-seann bhoireannaich agus guthan nam prìomh charactaran eile a bhios a’ dèiligeadh rithe.  An ann innleachdach is soirbheachail no droil is neo-shoirbheachail a tha an ceàird-eòlas seo ?  ’S ann dha gach uile leughadair a tha a’ cheist seo !

A bharrachd air an t-seann bhoireannach, Criosaidh NicNèill, no NicDhòmhnaill, tha triùir charactaran eile ann a tha cudromach:  Criosaidh NicGhriogair, ceannard na dachaighe; Criosaidh NicRath, an dotair; agus Ruairidh, fear òg on  a’ BhBC,  a tha air a bhith ri clàradh sgeulachdan dhaoine on a bha i òg air eagal ’s gum biodh iad air an call.

Chruthaich APC an sgeul seo gu sgileil pìos air phìos ann an dòigh a bhios a’ toirt air an leughadair mothachadh air a’ chòmhstri eadar cuimhne a’ bhoireannaich ‘s seargadh-inntinne agus air a’ bhuaidh a th’ aice air càch.

Ionnsaichidh an leughadair beagan mu bheatha gach caractair, mu bheatha Criosaidh NicDhòmhnaill gu h-àraidh, ‘s tòrr a bharrachd mun Ghàidhealtachd.

A rèir na chaidh a sgrìobhadh ann an lèirmheas anns an Stornoway Gazette, ’s e seo an nobhail as fheàrr aig APC.  Chan e sin mo bheachd-sa, ach feumar a ràdh gur e leabhar fìor mhath a th’ ann.  O chionn ghoirid, chuala mi APC ’s e ag ràdh gur ann ann an dòigh nas sìmplidhe a bhios e a’ sgrìobhadh (san latha an-diugh ?).  Chanainn-sa gun do dh’obraich sin ann am “Fuaran Ceann an t-Saoghail”, gun a bhith a’ toirt air falbh o bheairteas na Gàidhlig aig an t-sàr sgrìobhadair seo.

 

*Gheibhear an leabhar seo ann am Bùth Chomhairle nan Leabhraichean no air an làraich-lìn aca.  £8.99

Advertisements