Tha Comann Litreachais Ghlaschu ga ath-stèidheachadh às dèidh a bhith na thàmh fad corra bhliadhna. ’S e buidheann-leughaidh mhì-fhoirmeil a tha seo a tha ag amas air daoine a bhrosnachadh gus leabhraichean Gàidhlig a leughadh agus cabadaich mun deidhinn còmhla.

Feuchaidh sinn ri coinneachadh mu uair sa mhìos ann an ionad ùr an Lòchrain, anns an Lèanaig, Partaig. Dh’fhaodadh gun tèid againn air tighinn còmhla a-rithist aig toiseach an t-Sultain – tha sinn ag obrachadh sin a-mach an ceartuair.

Nam biodh ùidh agad fhèin a bhith an sàs anns a’ chomann, no dìreach a bhith a’ tighinn gu coinneamh nach lìon thu a-steach an ceisteachan againn (gu h-ìseal)? Agus, bhiomaid taingeil nan cuireadh tu am fiosrachadh seo gu caraid sam bith aig am biodh ùidh cuideachd.

Bidh fàilte ron a h-uile duine a tha ag iarraidh leughadh agus bruidhinn ann an Gàidhlig. Ged a bhios cuid mhòr dhinn airson nobhailean agus leabhraichean slàn a leughadh, le ùidh gu leòr ghabhadh coinneamhan a chur air dòigh airson, mar eisimpleir, sgeulachdan goirid is bàrdachd.

Ma tha ùidh agad a bhith an sàs anns a’ Chomann, faodaidh tu teachdaireachd a chur thugainn no conaltradh ruinn air Twitter. Feuchaidh sinn ri fios a chumail ri daoine mu na coinneamhan againn air na meadhanan-sòisealta.

Seo cuideachd an ceisteachan beag againn. Faodaidh tu a thilleadh thugainn ron Fhoghar 2021 aig leughamaid [aig] gmail.com.